Eilean na h-Oige
dán Gàidhlig
Chum an tAthair Urramach Ailean MacDhomhnaill (1859-1905) dán leis an teideal Eilean na h-Oige faoi Oileán Eirisgeigh, mar a raibh cónaí air agus mar a bhfuil sé curtha. Tagairt do thír na scéalta, Tír na nOlldathanna, atá sa teideal.
Téacs
cuir in eagar- Eilean na h-Oige
- Ged a gheibhinn-se mo thagha
- B'o mo rogha de'n Eòrpa
- Aite tuinidh an cois na tuinne
- An Eilean grinn na h-Oige;
- Lom e dhuilleach, lom e mhuran, (Lom e dhuilleach= gan duilleoga)
- Lom e churrac eòrna :
- Air a luimead gur a lurach
- Leamsa a h-uile fòd dheth.
- Is fhada o thugadh dhutsa an urram
- Aig a' Phrionnsa Tearlach :
- Is ann bha fuireach an sàr-dhuine (an sàr-dhuine = An file, laoch agus dróbhair, Domhnall Mac Iain mhic Sheaumais)
- Chuir gu'm fulang Loòdaich ; (Chuir gu'm fulang = cuir br i gcomparáid)
- Is Iain Mùideartach an curaidh (Iain Mùideartach = Taoiseach Chlann Mhic Raonuill, RIP 1670)
- Dh'iomair cluich air Lòchaidh,
- Thug iad uile greiseag annad :
- Fir an diugh 'ga thòrachd.
- Cha'n 'eil ionad anns a' chruinne
- As inntinniche òigridh ;
- Sunndach cridheil fonn nan nighean
- As binne sheinneas òran.
- Ar cuid bhodach, is iad tha frogail,
- Mòr tha thogail coinh riuth :
- Sùrd na caileig air a' chaillich,
- Is mear an aigne tha fòipe.
- Fuaim nam feadan feadh nan creagan,
- Leinibh bheaga a' dannsadh;
- Luchd na mara a' sàr-tharruing
- Canabhas ri cranntaibh ;
- Eigh nan gillean sios mu'n linnidh,
- lad ag iomairt trang ann :
- Tràigh as gile, cnuic as grinne,
- Rogha suidhe eamhraidh.
- Là na gaillinn gur a fallain
- Gaoth na mara greanntaidh;
- Gasda an sealladh muir a' stealladh
- Sad mu mhullach bheannta;
- Marcan-sìne bharr na Sgrìne
- Nuas 'na mhill 's 'na dheann ruith ;
- Muir gach ama caochladh greanna
- Ris na meallan geamhraidh.
- Gasda am farum aig a' bhannal
- Tha air an teanal thall ud ;
- Luadhadh daingean air na maidean,.
- Chuireas plaid an teanntachd ;
- Trom am buille, treun an ruighe,
- Trang a' bhuidheann bhaindidh ;
- An clò 'na shiubhal dol an tighead,
- Rann cur ruith gun taing air.
- Thall mu'n teallach faic a' chailleach
- Cur 'na deannaibh cuibhle.
- Fear an tighe, is math a làmhan,
- Dubhan cam 'ga rìghleadh.
- Tigh a' Bhealaich, is mòr an tathaich
- Tha ann de fhearaibh is nìonag,
- Is fear d'am b'aithne le sàr-anail
- Gabhail rann na Fèinne. (Gabhail rann = ag canadh rainn nó bailéid)
- Pìob 'ga spreigeadh, binn a fead leam,
- Is cha b'e sgread na fìdhle ;
- Cridhe toirt breab as, 's e 'ga freagairt
- Ann am beadradh inntinn.
- Air an fheasgar bhiodh na fleasgaich
- Ag oomh-fhreagairt tìm dhi :
- Leam bu ghasda bhith 'nam faisge (Leam = Dar liom)
- Dol an teas an rìghlidh.
- Fir a' iarruing mach a caladh,
- Gum b'e an sealladh èibhinn ;
- Togail chranna, buill 'gan snaimeadh
- Ann am gramaibh gleusta;
- Siuil ag crathadh, chluinnte am farum,
- Gus am faighte rèidh iad ;
- Is raach air chabhaig thun na mara,
- Is cop ri darach déideig.
- Na lìn fhada is na lin sgadain
- Ann am badaibh reidh ac' ;
- H-uile h-ullachas dhìth culaidh (dhìth culaidh = de dhíth)
- Bhios a' ruith an èisg ac'.
- Dia na tuinne gur e am bun e :
- dod è ni duine ,as eugmhais ?
- Toradh mara a cuilidh Mhoire-
- Is e tha cumail èis bhuap'.
- Gu'm bu laghach toiseach foghair
- Corra thadhal dorghaich,
- Leigeil dhubhan thun a' ghrunna
- Muigh air iola eòlaich.
- Bodaich bheaga ag ith an graide,
- Mucan creige ag corbadh,
- Is beadag cudaige tighinn chugainn
- D'an robh an criomadh seòlta.
- Tòrachd cobhartaich ri reothart
- Miuigh air oitir treud dhiubh :
- Dh'aindeoin crosgag bhog na rosaid
- Gheibhte sochair èisg ann.
- Nuas 'nar fochair gun dad dochuinn
- Thigeadh socair lèabag ;
- Is bioraich mhosach, thoill an crochadh,
- Is tric bha crios dhiubh fhèin ann.
- Feasgar foghair draghadh mhaghar
- Gu'm b'i an fhaghaid ghrinn i ;
- lasg a' riobadh, gun fhois tiota,
- Togail diogal inntinn' ;
- Sliopraich slapraich aig an slat-an
- Oumail cath an teinn ruith ;
- Beairt 'ga bogadh is beairt 'ga togail
- Is beairt 'ga sgobadh innte.
- An àm na Callainn' feadh nan carraig
- Bhiodh na feara greòd dhiubh ;
- Là gun dad aca 'gan ragach' ('ragach' = 'teann isteach')
- Is latha sgait gu leoir ann.
- Fear a' pronnadh is fear a' solladh
- Tional pobull ghòrag ;
- Tàbh 'ga thomadh thun an todhair
- Sin 'ga thogail fòpa.
- Fir 'nan deannaibh tarruing eallach
- Stigh o'n chaladh Hanna ('Hanna' = ón Sean-Lochlannais 'höfn' i nGaeilge 'cuan' nó 'calafort'.)
- Dh' iasg na mara a rèir an ama
- Cumail thall na teanntachd ;
- Smearaich thapaidh ruith 'nam feachdaibh
- Feadh nan leac an traingead,
- Tìoradh langa, dhaibh is aithne,
- Air an sgallaidh 's t-samhradh.
- Bharr gach bearraidh, stigh gach bealach,
- Chithear deannan nìonag,
- Eallach connaidh cùl an droma
- Nuas o'n mhonadh Sgrìne.
- Bodaich throma an cas air sgonnan
- Chas-a-croma, sgìoe dhiubh,
- Sruth de'n fhallus air am malaidh,
- Toirt air talamh strìochdadh.
- Luingeas bhioran aig na giullain
- Air gach linne an snàmh iad ;
- Fear 'gan leigeadh, fear 'gan tilleadh
- Air gacb iomall bàghain.
- Sud an iorram nach dean ciorram,
- Chuireas mire air àite —
- Coimhling loinneil ud na cloinne:
- Leam bu toil bhi 'm pàirt riu.
- H-uile h-eag ,am bonn nan creiagan
- Bothag bheag aig cloinn ann ;
- Sreathan shlige, bloighean phige,
- Badan riobag, loinn leo:
- Buain nam bileagan bu ghrinne
- Ann am mire soighneis,
- Togail luinneag air gach coileig,
- Leigeil ruith le 'n aoibhneas.
- Ogain gheala feadh nam bealach,
- Gur e an teanal grinn iad :
- Sud iad agaibh feadh nan laga
- Ann am baidean cruinn iad.
- Nall am mullach thar an tulaich,
- Dhaibh is ullamh sìnteag ;
- Dìreadh chnoc, gearradh bhoc,
- Saor o lochd 's o mhìghean.
- Ròn le a chuilean air an t-siubhal
- Co nach ludhaig speis dha ?
- Is e cho measail air an isean,
- Mu'n dean clibisd beud air.
- Ri àm cunnairt, sud air mhuin e,
- Falbh an t-sruth gu rèidh leis ;
- Gu'm bu tubaisdeach do'n duine
- Chuireadh eunna air sfhleus ris.
- Sùlair amaiseach a's t-earrach
- Stigh an caraibh tìr e,
- Tighinn an caise, sgiathan paisgte,
- Fear nach caisgte a chiocras.
- Thall 's a bhos iad, cha'n 'eil fois ac'
- Sloistreadh crosd' gun sgìos ac' ;
- Cromadh, tomadh fo na tonnan,
- Lionadh bhronnan shìoa iad.
- Corr chas-fhada, stob bun chladaich,
- An riochd bhi ragaicht' reòta;
- An ann fo gheasaibh tha i seasamh ?
- Am bi i feasd 'san t-seòl ud ?
- Cailleach ghlic i, cha do chleachd i
- Cluich an cuideachd ghòraich;
- Rogha suthain bhi gun duine
- An cuid rith 'g grunnach lònain.
- An sgarbh odhar, air tha fothail,
- Caradh fodha an clisgeadh.
- D' eoin na mara cha'n 'eil fear ann
- Fhuair a char 'san uisge.
- Aghaidh Staca ris na leacaibh
- Chithear feachd ri fois diubh :
- Sud 'san uisge iad, ma ni mosgaid
- Loegadh clis 'nam faisge.
- H-uile cinneadh muigh air linnidh
- A ni imeachd tuinn deth ;
- Bun-a-bhuachaille a' mhuineil,
- Binn a bhurral ciuil leam ;
- Crannlach 's learga bhràghada dearga,
- Annlag fairge, eoin-bhùchain,
- Iall de lachaibh am fiath a' chladaich,
- Riagh de chearoaill umpa.
- Ach b'e m'ulaidh-sa dhiubh uile
- Té gun lurachd gann di,
- Bòdhag chuimir cheuma grinne
- Sheasadh ionad baintighearna.
- Is i tha furachail m'a culaidh,
- Mu'n toir fliuchadh greann di :
- Coltas silidh a bhi tighinn,
- Tillidh i 'na teannruith.
- Is tric a shuidh mi am barr na beinne
- Ag amharc luingeas Ghallda,
- Le 'n cuid canabhas ri crannaibh,
- Gu'm b'e an sealladh greannmhor:
- Sgoth a' tilleadh, an ealta mire,
- Cromadh sireadh annlainn :
- Gu'm b'e sonas a bhi fuireach
- Anns an innis sheannsail.
- Is minig theireadh fear an inisg
- Gu'n robh an t-eilean staimhnte,
- H-uile duine bh'ann a thuineadh,.
- Ann an ionad fainge :
- Ach 'se chuir air barrachd lurachd,.
- Air gach tulach 's gleann deth,
- Dìon na tuinne a bhi uime
- Cumail muigh na h-anntlachd.